Farpais #12: Tòimhseachan-tarsainn Gàidhlig!

Seo sinne ann am mìos a’ Mhàirt, a chàirdean! 🙂 Tha na làithean a’ fàs nas blàithe agus am feur a’ fàs fo ar casan, mean air mhean.

Taing mhòr dhan fheadhainn a lìon an tòimhseachan-tarsainn againn airson farpais a’ Ghearrain. An do lorg sibh uile na faclan ceart? Mura do lorg, chì sibh fuasgladh an tòimhseachain gu h-ìosal ⬇️

🖊️🖋️✒️

Tha sinn an dòchas gun do chòrd an dùbhlan beag seo ribh! Ge-tà, chan fhaod ach aonar an fharpais a bhuannachadh, agus…sin Steffi! 🙂 Meal do naidheachd, cuiridh sinn post-d thugad leis an duais agad!

Leis gum bi cùisean gu math trang aig An Lòchran às dèidh Seachdain na Gàidhlig, agus air sgàth adhbharan eile, cha bhi farpais #sgriobhi ann sa Mhàrt. Ge-tà, bidh Andy againn a’ dèanamh an aon rud a rinn e an-uiridh. Bidh e (bidh sinn) a’ comharrachadh bliadhna de #sgrìobhi le sgeulachd ghoirid againn fhìn, rud beag coltach ris an-uiridh (sgeulachd Nataili).

An dèidh sin, bidh an fharpais air ais sa Ghiblean, nuair a bhios cùisean rud beag nas sàmhaiche air an taobh againne.

Chun an uair sin!

Andy xx

An LochranAn Lòchran