Farpais #11: Bàrdachd sa Ghàidhlig!

Bliadhn’ Ùr Mhath, a chàirdean còire! 👋 Cò ris a bha 2025 coltach dhutsa gu ruige seo?

Bu toil leinn Taing mhòr! a ràdh ris a h-uile duine a ghabh pàirt san fharpais-bhàrdachd againn 🙂 Nach sibhse a bha cruthachail leis na pìosan agaibh!

Mar is àbhaist, chan fhaod ach aon duine a bhuannachadh. Ach an turas seo, bha dà phìos ann a bha a cheart cho làidir agus brèagha ri chèile. Mar sin, bu toil leinn Meal do naidheachd! a chur air Margherita agus Steffi, an dà bhuannaiche againn airson farpais an Fhaoillich 🎉


🙧 PÌOS MHARGHERITA 🙥


’S ann dhan Eadailt a bhuineas Margherita, ged a tha blas Ghlaschu oirre nuair a bhruidhneas i sa Bheurla 👍 Dh’innis i dhuinn nach ann leatha-se a tha am pìos seo, ach ’s e eadar-theangachadh gu Gàidhlig a th’ ann de dhàn Breatnach le Maodez Glanndour 😯 Nach sinne a tha toilichte an leithid a phìos a chur suas air an làrach-lìn againn!

Thòisich Margherita le bhith a’ tarraing an deilbh àlainn a chì sibh gu h-ìosal (👏), mus do chuir i an dàn fhèin dhan Ghàidhlig cho math ’s a b’ urrainn dhi.

Is math a rinn thu leis a’ phìos àlainn seo, a Mhargherita! Seo dhuibh An eerch war an enezeg le Maodez Glanndour ann an Gàidhlig 🙂


Sneachda thairis air na h-eileanan

An d’ ràinig na h-ealachan bàna bhon tuath
Aig an àm-sa a’ cadal air a' mhuir, liabhach, san aigeal?
A’ sgaoileadh an sgiathan farsaing
An cinn a’ lùbadh fon chlòimh.

Chan e ealachan, ach sneachda mìn
A’ tuiteam air an sgiath air na h-eileanan.
Anns an fhearsad, tha na creagan a’ bruadar
Gu socair, fon iteach, fon chlòimh.

Nach robh sin brèagha? Gheibh sibh clàradh-guth dhen phìos aig deireadh na duilleig ⬇️⬇️

 

🙧 PÌOS STEFFI 🙥


Bha Steffi (a bhuineas dhan Ghearmailt) airson pìos bàrdachd a sgrìobhadh mu dheidhinn a’ gheamhraidh ann an 1978/79 sa Ghearmailt a Tuath, geamhradh gu math fuar le mòran sneachda. Bha e doirbh do dhaoine aig an àm sin, gu sònraichte anns na h-eileanan, ’s a’ mhuir reòite agus gainnead bhàtaichean le biadh ann. Bha feum aca air heileacoptairean, ach bha e cunnartach air sgàth ’s gun robh an t-sìde dona.

Seo am pìos a sgrìobh Steffi mu dheidhinn an ama sin. An e dàn no an e òran a tha seo? Dè do bheachd? 🙂

Seo e!


Nuair a bha an geamhradh fuar

Sèist
||: Nuair a bha an geamhradh fuar, an geamhradh fuar, uabhasach fuar,
Nuair a bha an geamhradh fuar, ’s ann fuar ri reòthadh a bha i.
Nuair a bha an geamhradh fuar, an geamhradh fuar, uabhasach fuar,
Nuair a bha an geamhradh fuar, ’s sa cheann a tuath a bha mi. :||

Rann 1
||: Anns a’ cheann a tuath, bha sneachda ann, bha sneachda ann.
Anns a’ cheann a tuath, bha sneachda ann, cho àrd ri beanntan mòra. :||

- Sèist -

Rann 2
||: Anns a’ cheann a tuath, bha reòthadh ann, bha reòthadh ann.
Anns a’ cheann a tuath, bha reòthadh ann ’s chaidh mi thar na h-aibhne. :||

- Sèist -

Rann 3
||: Anns a’ cheann a tuath, bha acras ann, ’n t-acras ann.
Anns a’ cheann a tuath, bha acras ann nuair a rinn am madadh donnal. :||

- Sèist -

Dh’fheuchainn ri pìos Steffi a sheinn mar phort à beul, ach chan eil an guth agam airson sin 😁 Is dòcha gun urrainn dhutsa na nòtaichean a chluinntinn nad cheann, ge-tà? 🎵🎶

Gheibh sibh clàradh dhe phìos Steffi gu h-ìosal cuideachd ⬇️ Mar is àbhaist, cuiridh mi an-còmhnaidh eadar-theangachadh gu Beurla ris na pìosan a gheibh sinn. Ach le bàrdachd, chan eil còir ach aig na bàird fhèin sin a dhèanamh, nam bheachdsa. B’ àbhaist do bhàird leithid Ruaraidh MhicThòmais, Iain Mhic a’ Ghobhainn agus Somhairle MhicGill-Eain sin a dhèanamh, ’s iad a’ toirt seachad eadar-theangachaidhean “oifigeil” mus biodh cruinneachaidhean de bhàrdachd a’ tighinn bhon chlò.

San t-seagh sin, gus milleadh nam pìosan gu h-àrd a sheachnadh, fàgaidh mi an turas seo e 😁 Ach ma tha farpais #sgrìobhi a’ còrdadh riut, cùm sùil a-mach airson farpais a’ Ghearrain! 🙂

Andy x

An LochranAn Lòchran