Sgeul #10: "An t-Samhain, 1984"

Haidh, a chàirdean! 👋

Dè a’ bhliadhna anns a bheil sinn? An e 2024 a th’ ann…no 1984? B’ e sin cuspair farpais #sgrìobhi na Samhna:

Thèid thu air ais chun na Samhain 1984. Dè tha eadar-dhealaichte an taca ris an t-Samhain 2024?

Dè sgrìobhadh thusa nan cuirte thu 40 bliadhna air ais? Ciamar a sgrìobhadh tu e fiù ’s, ann an linn far nach robh post-d ann no coimpiutairean aig a h-uile duine? Uill, gus freagairt air leth a chluinntinn air na ceistean seo, seo litir (seadh, litir làmh-sgrìobhte) a chur Steffi dhuinn às a’ Ghearmailt! 🙂

Nach sinne a bha toilichte nuair a ràinig an litir seo An Lòchran. Cha b’ e ach às dèidh dhuinn an litir a leughadh gun robh e soilleir dhuinn dè bh’ ann - chan e litir a-mhàin a bh’ innte, ach an sgeulachd fhèin cuideachd 👍 Sgeulachd a bha airidh air an duais, ma-thà.

Meal do naidheachd, Steffi - chì sibh uile an litir gu h-ìosal, còmhla ris an tionndadh “dhigiteach” anns an fhòrmat àbhaisteach - Gàidhlig, Beurla, agus le clàradh-guth.

Cudromach: cha bhi farpais #sgrìobhi a’ dol tron Dùbhlachd, leis gu bheil An Lòchran airidh air rudeigin cuideachd - air fois 😁 Ach bidh sinn air ais san Fhaoilleach le farpais ùr eile!

San t-seagh seo - Nollaig Chridheil ro làimh, a chàirdean 🎄🎁 Seo An t-Samhain, 1984.

Andy x



[Gàidhlig]

Halò ri sgioba An Lòchrain!

Tha mi anns a’ bhliadhna 1984 an-dràsta. Tha mi airson pàirt a ghabhail anns an fharpais gidheadh.

Tha mi a’ dùsgadh tràth sa mhadainn aig toiseach na Samhain. Càit’ a bheil mi? Tha mi a’ faicinn clag-uaireadair agus mìosachan leis an t-Samhain 1984 air. Naoi ceud deug ceithir fichead ’s a ceithir??? Cuin a tha mi?

Tha mi a’ lorg pàipear-naidheachd: Hamburger Abendblatt, Diluain, 5 an t-Samhain 1984. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mi anns a’ Ghearmailt anns a’ bhliadhna 1984.

Ciamar a tha mi a’ sgrìobhadh sgeulachd gun choimpiutair? Feumaidh mi pàipear, peann… Tha mi gan ceannachd anns a’ bhùth. Thòisicheamaid sgrìobhadh…ach dè a’ Ghàidhlig a th’ air Schreibmaschine?

Tha mi a’ dol dhan bhùth a-rithist. “Feumaidh mi faclair Gàidhlig.” Tha an reiceadair ag ràdh: “Feumaidh mi sin fhoraileadh.” “Forailibh am faclair mas e ur toil e.”

An ath sheachdain, tha mi a’ faighinn an fhaclair. ’S e clò-sgrìobhadair na tha Schreibmaschine a’ ciallachadh.

A-nis, tha an sgeulachd agam deiseil. Ach, chan eil post-d ann ann an 1984, agus chan eil mi eòlach air an t-seòladh agaibh, mar sin tha mi a’ fònadh gu ceistean-eòlaire (0044 192).

Bheir mi an litir seo dhan charaid agam. Cuiridh e air falbh i anns a’ bhliadhna 2024.

Tha mi an dòchas gun tig i ri uair.



[Beurla]

Hello to the An Lòchran team!

I’m currently in the year 1984. I’d like to take part in the competition nonetheless.

I get up early in the morning, at the beginning of November. Where am I? I see a timepiece, and a calendar with November 1984 on it. Nineteen eighty-four??? What time am I in?

I find a newspaper: the Hamburger Abendblatt, Monday 5th November 1984. I think I’m in Germany in the year 1984.

How do I write a story without a computer? I need paper, a pen… I buy them at the shop. Let’s start writing…but what’s Schreibmaschine in Gaelic?

I go back to the shop. “I need a Gaelic dictionary.” The sales assistant says: “I need to order that for you.” “Please do order it.”

The following week, I receive the dictionary. The word Schreibmaschine means typewriter.

Now, my story is finished. But, there’s no email in 1984, and I don’t know your address, so I call information on 0044 192.

I’ll give this letter to my friend. He’ll send it in the year 2024.

I hope it arrives on time.

An LochranAn Lòchran