Back to All Events

Gàidhlig - An Ath Cheum | Gaelic in a Global & Digital Age #anathcheum2019

  • Kelvin Hall G3 8AW (map)

U of G Gàidhlig

Fhad ’s a tha Baile-mòr Ghlaschu ag ullachadh airson aoigheachd a thoirt don Mhòd Nàiseanta Rìoghail, tha Oilthigh Ghlaschu a’ nasgadh le comataidh eagrachaidh na fèise 2019 gus seiminear aon-latha a chur air bhonn, a tha ag amas air conaltradh nàiseanta a thòiseachadh mu Ghàidhlig san àm ri teachd ann an aois a tha a’ sìor fhàs cruinneil agus didseatach.

Is e prìomh chuspair an tachartais:

Gabhail ri Atharrachadh: Cumadh Àm Teachdail don Ghàidhlig ann an Aois Chruinneil is Dhidseatach

Thèid an tèama seo a rannsachadh tro thrì cuspairean sònraichte a tha mìnichte gu h-ìosal agus tro amharcan is bun-bheachdan air an taisbeanadh le luchd-labhairt fa leth agus le deasbad luchd-èisteachd.

 Coimhearsnachdan ag Atharrachadh

 Sluagh-thomhas Luchd-labhairt na Gàidhlig ag Atharrachadh

 Poileasaidh, Poilitigs is Iomairteachd: Feum air Atharrachadh?

**Thèid prògram slàn fhoillseachadh anns na h-ath beagan sheachdainean.**

Bidh an seiminear seo a’ gabhail àite aig an aon àm ri foillseachadh 'GUGA', taisbeanadh ùr leis An Hunterian a’ rannsachadh dearbh-aithnean Gàidhlig, a bhios a’ ruith bhon Dàmhair 2019 gu Faoilleach 2020. Gheibh teachdairean cuireadh a bhith an làthair aig sealladh prìobhaideach den taisbeanadh.

Thig an latha seo gu ceann anns a' Ghailearaidh Hunterian le ceòl beò bhon chòmhlan WHYTE.

#anathcheum2019

******************************************************************************************************

As the City of Glasgow prepares to host the Royal National Mòd, the University of Glasgow is joining forces with the festival’s 2019 organising committee to host a one-day seminar event, which aims to start a national conversation on the future of Gaelic in an increasingly global and digital age.

The central theme of the event is:

Embracing Change: Shaping a Future for Gaelic in a Global & Digital Age

This theme will be explored via three specific topics outlined below and through the observations and concepts presented by individual speakers and audience discussion.

 Changing Communities

 Changing Demographics of Gaelic speakers

 Policy, Politics & Activism: In need of Change?

**A full programme and list of speakers will be published over the course of the next few weeks.**

This seminar event will coincide with the launch of GUGA, a new exhibition by The Hunterian exploring Gaelic identities, which will run from October 2019 until January 2020. Delegates will be invited to attend a private viewing of the exhibition.

The seminar will be brought to a close in the Hunterian Art Gallery and will feature live music from the contemporary band, WHYTE.

Earlier Event: 2 October
Pub Crawl a' Chomuinn 2019
Later Event: 11 October
Royal National Mod 201