Seachdain na Gàidhlig 2025
an Lòchran: MAR DEIDHINN
O chionn 1999, tha sinn air a bhith a’ brosnachadh is a’ taisbeanadh cultar is cànan nan Gàidheal ann an Glaschu, baile a tha iomraiteach mar Bhaile Mòr nan Gàidheal. ’S e “Ceanglaichean gun Chrìch” a th’ ann an cuspair na Seachdaine am-bliadhna, agus ’s e ceanglaichean an dearbh nì a bhios fa-near dhuinn. Tha sinn an dòchas gun tog sibh ceanglaichean ùra aig An Lòchran, ’s sinn a’ comharrachadh na seachdain sònraichte seo tro mheadhan na Gàidhlig.
Dè tha dol?
Luchdaichibh a-nuas am prògram againn gus am faic sibh gu dè bhios ann!
Còmhraidhean Beòthail sa Choimhearsnachd
Thugainn còmhla rinn airson spòrs, filmichean, bàrdachd is iomadh rud eile tro mheadhan na Gàidhlig!
Cuir Taic ris a’ Chànan
Tha Gàidhlig na pàirt chudromach de dhualchas is cultar na h-Alba. Chan ann air a’ Ghàidhealteachd agus sna h-Eileanan a-mhàin, ach air feadh Alba, ’s Glaschu na measg. Gu dè bhith an ìre agad sa chànan, ’s tu fileanta no nad neach-tòiseachaidh, gheibh thu ruideigin a chòrdas riut aig An Lòchran.
gheibhear barrachd fiosrachaidh air an duilleig tachartasan againn
Feumaidh sibh tiogaidean airson cuid dhe na tachartasan a bhios againn. Gheibhear fiosrachaidh an seo: