CLACHAN BHAILE A’ GHOBHAINN
TURAS SA GHÀIDHLIG!
Didòmhnaich, an 22a dhen t-Sultain, ghabh sinn cuairt ann an Gàidhlig air Clachan Bhaile a’ Ghobhainn (Beurla: The Govan Stones) ann an Glaschu.
Thachair Moira Piazzoli - arc-eòlaiche agus stiùiriche an turais againn - rinn uile ro Sheann Eaglais Bhaile a’ Ghobhainn air madainn tioram, car fuar. Chaidh an eaglais mar a tha i an-diugh a thogail aig deireadh an 19mh linn, agus ’s ann san 19mh agus san 20mh linn a thàinig an eaglais gu bhith na dachaigh dha na clachan fhèin.
Mhìnich Moira dhuinn gun robh iomadach rìoghachd an seo - Srath Chluaidh nam measg - mus do nochd Alba fhèin. A thaobh nan clachan, thathar air ainmean eadar-dhealaichte a bhuileachadh orra. Mar eisimpleir, ’s e Clach na Grèine an t-ainm a th’ air tè dhiubh, an tè as aosta sa chruinneachadh. Chithear tòrr samhlachas oirre, bho chroisean gu nathraichean; is dòcha gur e buaidh ealain nan Cruithneach (The Picts) a bha seo.
Mar a tha àbhaisteach ann an roinn arc-eòlais, tha pìosan dhe chuid a chlachan a dhìth. Cuideachd, feumar educated guess a dhèanamh an siud ’s an seo nuair a thathar a’ feuchainn ri pìosan na h-eachdraidh seo a chur còmhla. Chunnaic sinn seo nuair a thug sinn sùil air na Clachan druim-thorcach. ’S e seo an cruinneachadh as motha air feadh na h-Alba, ’s gach clach na pìos mòr de chlach-ghainmhich. Shaoileadh tu gur e togalach air choreigin a tha an cruth suaicheanta aca a’ riochdachadh; dh’fhaodte gur e taighean nam marbh a tha iad a’ samhlachadh.
Às dèidh do Mhoira lorgan sònraichte eile a shealltainn dhuinn, nam measg ciste-laighe cloiche agus Laoch Bhaile a’ Ghobhainn, chuir sinn crìoch air turas mìorbhaileach le bhith a’ tadhal air an làraich far a bheil sgioba Mhoira a’ cladhach an-dràsta. Tha an luchd-obrach air iomadh lorg inntinneach, prìseil a chladhach gu ruige seo, leithid chupannan, ballachan-togalaich agus fiù ’s rathaidean. Cò aig a tha brath dè eile a lorgar fon talamh…
Bu toil leinn “Taing Mhòr!” a ràdh ri Moira agus na co-obraichean aice airson an cothrom iongantach seo a thabhann dhuinn. Bha e inntinneach, bha e ann an Gàidhlig (yay!), agus tha sinn cinnteach gun do chòrd e ris na 15 aoighean a bha an làthair 🙂
Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn air Clachan Bhaile a’ Ghobhainn, nach tadhail sibh air an làraich-lìn oifigeil AN SEO.
xx








