Cupa is cabadaich sa Ghàidhlig @ cafaidh Tramway
Feasgar de chòmhradh sa Ghàidhlig ann an àrainneachd nàdarrach! Bidh sinn a' seachnadh na Beurla cho fad 's a ghabhas - mar sin, tha an tachartas freagarrach do dhaoine a tha aig ìre eadar-mheadhanach (B1) na Gàidhlig neo nas àirde, neo a tha fileanta.
An dèanadh tu clàradh AN SEO airson ‘s gum bi fios againn cia mheud daoine a bhios ann. Mòran taing!
Ruigidh thu Tramway air an trèan no air a' bhus 3, 38, 57 no 59 (stad-bus: Eglinton Toll). Thèid deochan is biadh a reic leis a' chafaidh fhèin.
Thig a-steach! ☕