Seachdain na Gàidhlig ’25: Tachartas A1+
World Gaelic Week ’25: All-Levels Event
[Gàidhlig]
Disathairne, an 2a dhen Mhàrt, thàinig sinn chun an tachartais mu dheireadh a bh’ againn tro Sheachdain na Gàidhlig 2025 😢
’S e deagh thachartas a bh’ ann, ge-tà, airson deireadh na seachdain iongantach, bhrosnachail seo a chomharrachadh. Thàinig mu 15 daoine a-steach, seo geàrr-chunntas de na rinn sinn air an fheasgar:
· A’ cur an aithne a chèile
· A’ cur seantansan Gàidhlig gu Beurla (agus an caochladh)
· A’ dèanamh eacarsaichean-labhairt
· Ag ionnsachadh mu dhòigh “neònach” gus briathrachas ùr a thogail
· A’ cluich geama le seantansan mu dhiofar ghaisgich na Gàidhlig, leithid Joy Dunlop, Calum MacIlleathain agus Ruairidh MacThòmais.
Chì sibh gu h-ìosal dealbh beag no dhà, còmhla ri cuid dhe na duilleagan leis an do dh’obraich sinn air an sgrìn mhòr.
Mòran taing dhan fheadhainn a thàinig a-steach gus pàirt a ghabhail san fheasgar agus sna rudan a rinn sinn còmhla! Tha sinn an dòchas gun robh fìor dheagh Sheachdain na Gàidhlig ’25 agaibh, ’s sibh làn spionnadh a thaobh nan tachartasan A1+ eile a bhios againn tron chòrr dhen bhliadhna 🙂
Andy, Dàibhidh agus sgioba AL xx
[English]
On Saturday 2nd March, we came to our last event for World Gaelic Week 2025 😢
That said, it was a good event for marking the end of this awesome and inspiring week. About 15 people came in, here’s a summary of what we spent the afternoon doing:
· Introducing ourselves
· Putting Gaelic sentences into English (and vice-versa)
· Doing speaking exercises
· Learning an “unusual” method for picking up new vocabulary
· Playing a game with sentences hinting at different Gaelic heroes, such as Joy Dunlop, Calum Maclean and Derick Thomson.
See below for a wee pic or two, along with some of the slides we worked with on the big screen.
Thank you very much to those who came in to take part in the afternoon and in the activities we did together! We hope you had a really great World Gaelic Week ’25, and that you’re full of beans for the other A1+ events we’ll have on throughout the rest of the year 🙂
Andy, David and the AL team xx











































