Seachdain na Gàidhlig ’25: Oidhche Bhàrdachd
World Gaelic Week ’25: Poetry Night
Thòisich Seachdain na Gàidhlig 2025 aig An Lòchran an-dè, ’s sinn a’ cumail cearcall-còmhraidh eadar 6f is 8f, far an robh 12 duine an sàs. Às dèidh sin, thòisich a’ chiad tachartas sònraichte againn – Oidhche Bhàrdachd còmhla ri triùir bhàrd a tha iomraiteach ann an saoghal Gàidhlig Ghlaschu.
BETH FRIEDEN
’S ann à New Hampshire anns na Stàitean Aonaichte a tha a’ chiad bhàrd againn, Beth Frieden, o thùs. Thòisich Beth leughaidhean na h-oidhche, ’s i a’ leughadh dàin ùra nach deach fhoillseachadh fhathast agus pìosan bhon phamflaid aice, Acair san talamh (Stewed Rhubarb Press).
Seo criomag bheag de phìos a sgrìobh Beth sa chruinneachadh seo:
Chuir mi seachad sia geamhraidhean deug
ann an New Hampshire, ma chunntas mi iad
agus cha chuala mi riamh roimhe an loch
a’ reòthadh. Cha do thuig mi an deigh
- Beth Frieden, Cànan na deighe
Mholainn an còrr dhen dàn eireachdail seo a leughadh 😉 Nach tadhail thu air làrach-lìn Stewed Rhubarb Press airson tuilleadh fiosrachaidh agus gus taic a thoirt dhan bhàrd fhèin.
SHANE JOHNSTONE
’S ann à Cnoc a’ Ghobhainn (Beurla: Govanhill) ann an Glaschu a tha Shane. Anns a’ chruinneachadh aige Govanhill Anthology, tha e a’ sgrìobhadh ann an iomadh cànan mun sgìre gu math bochd a tha seo, le eachdraidh fìor chruaidh às a dèidh agus dùbhlain fhathast ann san latha an-diugh.
Seo criomag bheag dhen chiad dàn san leabhar:
Mu dhà bhliadhna bhuaithe:
sgàin an sruth de chafaidhean cliùiteach,
a dh’ath-dhùisg cridhe nach robh
buileach marbh fhathast.
Dh’èirich an Taobh a Deas.
- Shane Johnstone, Ath-leasachadh
Tha sin a’ toirt sealladh dhut a thaobh an t-seòrsa de bheatha cruaidh a bha (agus a tha fhathast) ann, ann an Cnoc a’ Ghobhainn. Gheibh thu lethbhreac dhe leabhar Shane tro Chomhairle nan Leabhraichean.
BABS NICGRIOGAIR
Tha Babs a’ buntainn do Steòrnabhagh ann an Leòdhas o thùs, ach ’s iomadh bliadhna a chuir i seachad ann an Glaschu san eadar-àm. Dh’èist sinn ri pìosan bàrdachd a sgrìobh i mu dhaoine chudromach, bhrosnachail na teaghlach, agus cuideachd mun chogadh uabhasach san Ear-Mheadhanach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun bhàrdachd aig Babs, gheibh thu facal oirre tro phost-d* no tro Cheòl is Craic, carthannas na Gàidhlig eile ann an Glaschu anns a bheil Babs an sàs 🙂
Bu toil leinn Taing mhòr! a ràdh ris a h-uile duine a thàinig còmhla airson an oidhche shònraichte seo a thoirt gu buill. Tha sgioba An Lòchrain toilichte gun do thachair i, agus tha sinn a’ beachdachadh air barrachd oidhcheannan bàrdachd a chur air dòigh. Chì sinn dè thachras!
* mura h-eil e ag obair, cuir post-d thugainne air info@anlochran.com agus gheibh thu seòladh post-d Bhabs.