NA GÀIDHEILEAMAILTICH

The GERMAN GAELS

Disathairne, an 13s dhen Ghiblean, chaidh sùil a thoirt air na ceanglaichean cultarach eadar Alba agus a’ Ghearmailt aig an tachartas shònraichte againn "Na Gàidheileamailtich"!

Thàinig 26 daoine a-steach - reacord ùr dhan Lòchran! 🥇 - ann am Partaig, ’s Gearmailtich, Albannaich agus daoine à dùthchannan eile an làthair gus co-phàirteachadh san tachartas àraid seo.

’S e sgrìonadh an fhilm "Na Gàidheileamailtich" a bh’ ann an teas-meadhan an fheasgair. ’S e film aithriseach a tha seo a chaidh a chraoladh leis a’ BhBC ann an 2010 o thùs. Thug am film sùil gheur air a’ chàirdeas dhlùth eadar Alba agus a’ Ghearmailt a thoabh cànan agus cultar nan Gàidheal, ’s am prògram a’ sealltainn dhuinn eisimpleirean de Ghearmailtich a th’ air am bogadh fhèin sa Ghàidhlig. Chan eil am prògram air fad ri fhaighinn air BBC iPlayer tuilleadh, ach faodar fhathast pìos beag fhaicinn an seo (dh’fhaodte nach bi am bhideo ag obair ma tha thu a’ cleachdadh VPN, ge-tà!)

Co-dhiù, thàinig triùir a nochdas sa phrògram a-steach dhan Lòchran cuideachd airson coimhead air an fhilm a-rithist còmhla rinn, agus ghabh iad ceistean bhon luchd-amhairc às dèidh làimh. ’S e Mìcheal Klevenhaus, Mìcheal Bauer (aka. Foillseachadh Akerbeltz) agus Andreas Wolff na h-ainmean a th’ orra, agus ghabh Mìcheal #1 an cothrom beagan aire a thoirt air an leabhar ùr aige cuideachd 📖

Bha aoigh sònraichte eile, Anita Hecker, ann cuideachd, ’s i ag itealaich bho Chologne còmhla ri a cèile gus a bhith an làthair! 👍 Chuir na dealbhan àlainn a pheant Anita blas ioma-dhathte ris an fheasgar, ’s iad nan samhla de chruthachas thairis air crìochan dùthcha.

’S ann air sgàth a h-uile duine - an dà chuid sgioba An Lòchrain agus na h-aoighean fhèin! - a bha an tachartas spòrsail agus soirbheachail air a’ cheann thall 🙂 Rinn am BBC aithris mun fheasgair, aithris a dh’fhaodas tu fhaicinn an seo.

Aig deireadh an tachartais, agus às dèidh dhuinn glainne no dhà de dh’uisge-beatha a ghabhail 🥃, chaidh cuid dhinn do thaigh-bìdh Eadailteach faisg air làimh airson an còmhradh a chumail a’ dol. Abair dòigh shnog gus crìoch a chur air latha air leth sònraichte! Bu toil le sgioba An Lòchrain "MÒRAN TAING" a ràdh dhan a h-uile duine a bha ann! 🙏 Tha sinn a' dèanamh fiughair ri barrachd tachartasan a chur air dòigh a bhios stèidhichte air na ceanglaichean eadar an dà dhùthaich againn.

Le gaol mòr! / Ganz liebe Grüße!

An sgioba aig AL xx