HAMMY SGÌTH: SRUTH AR DUALCHAS
A SPECIAL EVENING WITH HAMMY SGÌTH
Air a’ chiad latha dhen Dùbhlachd, bha sinn air leth fortanach fàilte a chur air a’ cheòladair agus riochdaire hip-hop Hammy Sgìth! 🎤 ’S e co-obrachadh eadar Hammy fhèin agus Tobar an Dualchais a bh’ anns an tachartas seo, mar a chì thu ann an cuid de na dealbhan gu h-ìosal ⬇️⬇️
Bhruidhinn Hammy mu iomadh rud inntinneach, m.e. eachdraidh ath-mheasgachadh ceòl agus an teicneòlas ceangailte ris. Sheall e dhuinn an obair chruthachail aige fhèin ceangailte ri dualchas nan Gàidheal agus na clàraidhean as fheàrr leis air Tobar an Dualchais. Cuideachd, thug Hammy seachad a chuid bheachdan mun dòigh-smaoineachaidh a bh’ aig na daoine a bha a’ dèanamh clàraidhean ann am meadhan an 20mh linn.
Às dèidh an tachartais fhèin, bha raffle ann le diofar sheòrsaichean de dhuais - nam measg, CDs le Niteworks (Obair Oidhche), lèintean-t leis an aon chòmhlan, agus botail fìon. Bu toil leinn 🎉 meal do naidheachd 🎉 a ràdh don a h-uile aoigh a choisinn na duaisean!
Anns an fharsaingeachd, taing mhòr don a h-uile duine (13 daoine, uile gu lèir!) a thàinig a-steach - gu h-àraid do Hammy fhèin 👍🏼 Seo video beag a chlàr sinn air an oidhche agus ceangal do sheanail YouTube aig Hammy:
Tha sinn a' dèanamh fiughair ris an ath thachartas shònraichte a chuireas sinn air dòigh ann an ionad na Gàidhlig againn.
Le gaol
An sgioba @ An Lòchran xx