EAGLAIS NAM MANACH LIATH
TURAS SA GHÀIDHLIG!
Aig An Lòchran, tha sinn a’ tòiseachadh air ceanglaichean a thogail eadar sinn fhìn agus buidhnean Gàidhlig eile ann an Alba. San t-seagh seo, air an 29mh dhen t-Samhain 2024, chuir sinn air dòigh a’ chiad tachartas taobh a-muigh Ghlaschu a bh’ againn fad bliadhnaichean - aig Eaglais nam Manach Liath (Greyfriars Kirk) ann an Dùn Èideann!
Chaidh fàilte bhlàth a chur air an ochdnar againn leis an Èildear Ruaraidh Iain MacLeòid, fear a thàinig dhan eaglais airson a’ chiad uair o chionn iomadh bliadhna. Thug Ruaraidh cuairt air leth inntinneach dhuinn mu eachdraidh agus cladh na h-eaglaise seo, ’s a h-uile rud a’ dol tro mheadhan na Gàidhlig 🙂 Còmhla ri Ealasaid, a bha a’ toirt taic dhuinn agus a’ gabhail pàirt sa chuairt cuideachd, dh’ionnsaich sinn tòrr mu eachdraidh an àite, bhon fhìor-thoiseach nuair a ràinig na Grey Friars (’s e gùnaichean liath a bh’ orra) Alba ann am meadhan a’ chòigimh linn deug, tro thogail na h-eaglaise fhèin (1602-20), suas ris an latha an-diugh.
Seo cuid dhen fhiosrachadh riatanach a thog sinn air a’ chuairt:
a. 1638: Chaidh An Cùmhnant Nàiseanta a shoidhnigeadh an seo, le daoine a bha an aghaidh nan atharrachaidhean a bha Teàrlach I a’ moladh. ’S ann bho chùbaid na h-eaglaise a chaidh an Cùmhnant a leughadh;
b. 1718: Chaidh tùr na h-eaglaise a sgrios, ri linn spreadhadh;
c. 1845: Chaidh tuilleadh milleadh a dhèanamh air an eaglais, ri linn teine;
d. Às dèidh ath-thogail na h-eaglaise, chuir am ministear Raibeart Lee na ciad uinneagan glainne dhathte a-steach a chunnacas ann an eaglais paraiste Albannach bho àm an Ath-leasachaidh.
Às dèidh dhuinn cluinntinn mu na tha am broinn na h-eaglaise, thug sinn sùil air grunn àitichean anns a’ chladh. Tha daoine ainmeil air an tiodhlacadh an seo, leithid Allan Ramsay (bàrd), Seòras Bochanan (neach-eachdraidh) agus Thomas Riddell (coltach ri Tom Riddle, neo am Morair Voldemort!). Ach gun cheist sam bith, ’s e Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir an Gàidheal as ainmeile a th’ air a thiodhlacadh sa chladh - chithear an uaigh aige anns na dealbhan gu h-ìosal ⬇️⬇️ Agus am beathach as ainmeile a tha co-cheangailte ris a’ chladh? Chan fheum mise sin innse dhuibh - ’s e sin Greyfriars Bobby, gu follaiseach! 🐕
Às dèidh deireadh na cuairt, chaidh a’ mhòr-chuid dhinn pìos sìos an rathad gus lòn a ghabhail còmhla, an còmhradh Gàidhlig a chumail a’ dol agus barrachd ionnsachadh mu dheidhinn a chèile. Ghabh triùir pinnt no tè bheag ann an taigh-seinnse faisg air làimh cuideachd 🍻 Bu toil leinn Taing Mhòr! a ràdh ri Ruaraidh agus Ealasaid, agus ris a h-uile duine a bha an làthair gus an latha seo a chomharrachadh le cuairt air leth inntinneach air togalach eachdraidheil, luachmhor 🙂
Seo pìos goirid a sgrìobh fear dhe na h-aoighean mun chuairt:
Mo thaing chridheil gu Dàibhidh is Andy airson a' chuairt a chur air dòigh ann an Dùn Èideann. ’S e àite fìor inntinneach a th’ ann an Eaglais agus cladh nam Manach Liath, agus am fear-stiùiridh againn cho laghach agus fiosrachail. Mo bheannachd orra uile!
Chì sibh gu h-ìosal na dealbhan a thog sinn 📸⬇️
Andy, Dàibhidh agus sgioba AL xx