Gàidhlig Ghnàthasach le Àdhamh Ó Broin

 A bheil thu nad neach-ionnsachaidh, ’s tu air do chuid Gàidhlig a thogail gu ìre far a bheil comas-còmhraidh agad? ’S math a rinn thu, gun teagamh! Nuair a smaoineachas tu air a h-uile nì a tha an sàs ann an cànan ùr ionnsachadh, bho bhriathrachas ùr gu gràmar, litricheas agus blas, bidh e follaiseach sa bhad nach e rud furasta a th’ ann idir. Thathar ag ràdh gur e an fhìrinn a tha sin, gu h-àraidh ma dh’ ionnsaicheas tu mion-chànan. Is tric a bhios na mion-chànain duilich a thogail ri linn cion-ghoireasan. Nar barail-sa, ge-tà, chan e buileach goireasan a tha a dhìth air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (san fharsaingeachd co-dhiù). Tha sinn fortanach gu bheil coimhearsnachd bheòthail, dhripeil againn a tha air pailteas de leabhraichean, meadhanan agus goireasan eile a chruthachadh.

Ach ged a tha goireasan gu leòr rim faighinn gus Gàidhlig ionnsachadh, tha aon seòrsa de ghoireas nach eil cho pailt. Tha mi a-mach air goireasan do luchd-ionnsachaidh, no fiù ’s dhan fheadhainn aig a bheil an cànan bho thùs, a tha airson Beurlachas a sheachnadh. ’S ann leis a’ Bheurla a tha làmh an uachdair nar cultar. Mar sin, tha structuran agus abairtean Beurla air a bhith a’ tighinn a-steach, ’s iad air atharrachaidhean mòra a thoirt air cainnt na Gàidhlig. Thathar ag ràdh gur e pròiseas nàdarrach a tha seo, agus cha leig sinn leas a bhith a’ strì na aghaidh. Bidh cuid eile a’ cumail a-mach gum bu chòir dhuinn Gàidhlig a ghleidheadh ann an riochd nas gnàthasaiche agus ga dìon cho math ‘s urrainn dhuinn, oir ‘s beag orra “Beurla a tha air a cur ann an riochd Gàidhlig”.

’S e deasbad mòr a tha seo, agus cha ghabh sinne aig An Lòchran ri taobh sam bith dhen chonnspaid ud. Ach ma tha thusa airson coltas “nas Gàidhealaiche” a chur air do chuid Gàidhlig, faodaidh tu gabhail ris a’ chomhairle a thug Àdhamh Ó Broin thugainn. ’S e duine gasta a th’ ann an Àdhamh, ’s e air a bhith ag obair gu daingeann a thaobh beairteas agus dualchainntean na Gàidhlig. Ma tha thu eòlach air, bidh e follaiseach dhut-sa far a bheil beachd Àdhamh san deasbad a thaobh a’ Bheurlachais!

Thadhail Àdhamh agus an nighean aige, Caoimhe, oirnn aig An Lòchran gus seisean a chur air dòigh, seisean far an robh iad a-mach air an t-slighe seachad air a’ Bheurlachas don fheadhainn a tha airson an seachnadh. B’ e “Gàidhlig Ghnàthasach” an t-ainm a bh’ air an t-seisean, agus dh’ ionnsaich sinn tòrr mu dheidhinn a’ Bheurlachais as cumanta a thig a-steach air na chleasdas mi fhìn cha mhòr gach latha. Bha Àdhamh agus Caoimhe a-mach air iomadh cuspair a’ buntainn ri staid na Gàidhlig, ach ’s ann le abairtean air a bheil coltas Beurla a chaith sinn a’ mhòr-chuid dhen ùine.

Tha liosta den Bheurlachas as cumanta aig Àdhamh, agus ghabh sinn beachd air gach fear gus abairtean na bu ghnàthasaiche ionnsachadh a bhiodh iomchaidh nan àite. Ma dh’ fhaoidte nach gabh thu ris a h-uile puing san liosta seo, ach tha sinn an dòchas gum bi cuid dhiubh feumail dhut.

LIOSTA ÀDHAIMH DE BHEURLACHAS CHUMANTA

1. Tachairt dhomh vs orm

Eiseimpleir: Bidh sin a’ tachairt dhomhsa cuideachd

Beurla (intended): That happens to me too

Gàidhlig nas gnàthasaiche: Bidh sin a’ tachairt ormsa cuideachd


2. Airson vs Fad

Eiseimpleir: Bha mi ann airson bliadhna

Beurla (intended): I was there (over the course of) a year

Gàidhlig nas gnàthasaiche: Bha mi ann fad bliadhna

Mìneachadh: Tha am facal “airson” an ìre mhath co-ionnan ris an abairt “for the sake of” seach am facal “for” mar a chleachdamaid ann am Beurla e.


3. Airson vs Bho Chionn

Eiseimpleir: Chan eil mi air a bhith an sin airson greis

Beurla (intended): I haven’t been there for (i.e. since) a while

Gàidhlig nas gnàthasaiche: Chan eil mi air a bhith ann o chionn ghreis


4. An-dràsta vs A-nis

Eiseimpleir: Tha togalach ùr ann an-dràsta

Beurla (intended): There is a new building there now (as opposed to then)

Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha togalach ùr ann a-nis

Mìneachadh: Tha diofar ann eadar “a-nis” agus “an-dràsta” nach eil cho furasta (dhòmhsa co-dhiù) a mhìneachadh tro mheadhan na Gàidhlig. Mar sin, seo mìneachadh ann am Beurla:

  • an-dràsta conveys "in this general time period" or "just now," emphasizing the continuous present rather than this very second.

  • a-nis can imply "now" in the sense of right this second. It often also highlights a change from a previous state, contrasting the current situation with the past.


5. Ann an vs Taobh a-staigh

Eiseimpleir: Thachair e ann an seachdain

Beurla (intended): It happened within a week

Gàidhlig nas gnàthasaiche: Thachair e taobh a-staigh seachdain

Mìneachadh: Thèid am facal Beurla “in” a chleachdadh ann an iomadh suidheachadh nach eil cho iomchaidh ann an Gàidhlig. Tha "taobh a-staigh” co-ionnan ri “during the space of [a week]”.


6. Ann an vs An ceann

Eiseimpleir: Chì mi ann am mionaid thu

Beurla (intended): I’ll see you in a minute

Gàidhlig nas gnàthasaiche: Chì mi an ceann mionaid thu

Mìneachadh: Chan eil a’ chiall a tha sa Bheurla sa Ghàidhlig; chan eil “ann an” a’ toirt dhuinn fios sam bith gu bheil ùine air dol seachad.


7. Dachaigh vs Aig an taigh no Aig baile

Eiseimpleir: A bheil thu dachaigh a-nis?

Beurla (intended): Are you at home now?

Gàidhlig nas gnàthasaiche: A bheil thu aig an taigh / aig baile?


8. Dèanamh nas fheàrr vs Piseach

Eiseimpleir: Tha e a’ dèanamh nas fheàrr

Beurla (intended): He is improved

Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha piseach air tighinn air


9. Dìreach vs A-mhàin

Eiseimpleir: Dìreach na fir

Beurla (intended): Just the men

Gàidhlig nas gnàthasaiche: Na fir a-mhàin

Mìneachadh: Ann am Beurla, tha àiteachan gu leòr ann far am biodh “just” an àite “only” ag oibreachadh gun trioblaid, ach chan eil sin mar a tha e ann an Gàidhlig. Cleachd “dìreach” nuair ‘s e “exactitude” no “straightforwardness” a bhios fa-near dhut agus “a-mhàin” nuair a bhios tu a-mach air “exclusivity”.


10. Gabhail vs Cur ris

Eiseimpleir: tha mi a’ gabhail pàirt ann an sin

Beurla (intended): I’m taking part in that

Gàidhlig nas gnàthasaiche: tha mi a’ cur mo chuid ris / Tha mi a’ dol ann


11. Iomadh

Eiseimpleir: iomadh rudan

Beurla (intended): Many things

Gàidhlig nas gnàthasaiche: iomadh rud


12. Tha vs Bidh agus Mi fhìn

Eiseimpleir: tha mi a’ dèanamh sin mi fhìn

Beurla (intended): I (tend to) do that myself

Gàidhlig nas gnàthasaiche: bidh mi fhìn a’ dèanamh sin

Mìneachadh: Tha coltas simplidh air an eiseimplear seo sa chiad dol a-mach, ach chanainn gu bheil e nas toinnte na bhiodh tu an dùil. Nuair a bhios tu airson buaidh a thoirt air facal, faodaidh tu “fhèin” / “fhìn” a chleachdadh ann an iomadh suidheachadh. Bidh thu ri Beurlachas, ge-tà, ma chleachdas tu “mi” agus an uairsin “mi fhìn” air crìoch na h-abairte. A bharrachd air sin, bu chòir dhut “bidh” a chleachdadh an seo an àite “tha” oir tha e a-mach air “future or habitual action” seach rudeigin a tha a’ tachairt sa mhionaid.


13. Mun cuairt vs Ann

Eiseimpleir: Tha gu leòr dhiubh mun cuairt

Beurla (intended): There are plenty of them around

Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha gu leòr dhiubh ann

Mìneachadh: Uaireannan, ‘s e an rud as fhasa an rud as fheàrr!


14. Obair vs Oibreachadh

Eiseimpleir: Tha an coire ag obair

Beurla (intended): The kettle is working (functioning, i.e. not broken)

Gàidhlig nas gnàthasaiche: Tha an coire ag oibreachadh

Mìneachadh: Tha "ag obair” co-ionnan ri “labouring” no “working as part of duties in a job” ann am Beurla, ach tha “obraicheadh” co-ionnan ri “functioning”. Ged a tha tuigse inntealta (AI) air tighinn air adhart, chan eil dreuchd aig a’ choire agad fhathast!


15. Teagasg vs Ionnsachadh

Eiseimpleir: Bidh mi a’ teagasg Gàidhlig do dhaoine

Beurla (intended): I teach people Gaelic

Mìneachadh: Bidh mi ag ionnsachadh Gàidhlig do dhaoine


Le Dàibhidh MacDheoradhain (le taic agus ceartachaidhean bho Àdhamh Ó Broin agus Anndaidh Beck)