Sgeul #3: "Eagal an t-Saoghail"

Halò, a chàirdean 👋

Tha sinn a’ comharrachadh an dàrna mìos dhen fharpais SGRÌOBHI againn.

Tha sinn toilichte innse dhuibh gu bheil buannaiche eile againn airson mìos a’ Ghiblein. ’S e Chris an t-ainm a th’ air ùghdar na sgeulachd seo, agus abair sgeul a sgrìobh e mun chuspair “eagal” 👻

An aithnich thusa do bheatha fhèin ann an cuid de na h-eagalan air a bheil Chris a-mach?

Bidh sinn air ais a dh’aithghearr le farpais eile; an turas seo, farpais a tha rud beag nas deimhinniche 🙂

Seo dhuibh “Eagal an t-Saoghail”.

[Gàidhlig]

Tha eagal orm ro mhòran rudan.

Tha eagal orm nach ruig mi an dùil aig mo phàrantan marbh, agus gum bi mo dhùil air mo mhic ro àrd.

Tha eagal orm gun dèan mo chlann mearachdan, nach bi mi ann airson an stad, agus gun suidhich na mearachdan agam fhìn droch eisimpleirean.

Tha eagal orm gum bàsaich mo chànan is mo chultar a dh'aithghearr, ach gum bi mi fhathast beò, pìos taigh-tasgaidh bho linn eile.

Tha an Tuigse Inntealta a' cur mòr-eagal orm, agus an saoghal ri teachd gun chosnaidhean agus adhbhar.

Tha eagal orm ro na cogaidhean nach do thòisich mi, agus nach urrainn dhomh a stad.

Tha eagal orm ro luchd-poilitigs gòrach, ach nach eil na freagairtean agam fhìn.

Tha eagal orm gu bheil mi air mo chaitheamh, agus a dh'aithghearr gum bi mi a’ cluinntinn an diog mu dheireadh den ghloc.

Tha eagal orm gum bi mo bhean na h-aonar aon latha.

Tha eagal orm gun do chuir mi sìolan nach fhaic mi a' fàs.

'S mòr m' eagal ro Bhreitheanas an Tighearna agus gu h-araidh mu bhreitheanas na h-eachdraidh.

'S mòr m' eagal nach bi dragh sam bith orm aon latha mu dhaoine.

Agus 's mòr m' eagal nach bi dragh air daoine mum dheidhinnsa nas motha...

[Beurla]

I’m afraid of many things.

I’m afraid that I won’t reach the expectations of my late parents, and that I’ll expect too much of my sons.

I’m afraid that my children will make mistakes, that I won’t be there to stop them, and that my own mistakes will set bad examples.

I’m afraid that my language and my culture will die soon, but that I’ll still be alive, a museum piece from a bygone century.

Artificial Intelligence is something I’m very afraid of, and a future world without employment and purpose.

I’m afraid of the wars I didn’t start, and that I can’t stop.

I’m afraid of idiotic politicians, but that I don’t have the answers.

I’m afraid that I’m used up, and that soon I’ll be hearing the last tick of the clock.

I’m afraid that my wife will be alone one day.

I’m afraid that I’ve planted seeds that I won’t get to see grow.

I’m very afraid of the Lord’s judgment, and especially of history’s judgment.

I’m very afraid that one day I won’t care about people at all.

And I’m very afraid that people won’t care about me either…