AN SGIOBA

THE TEAM


Seo cothrom dhut coinneachadh ri cuid dhen fheadhainn a th’ air a’ bhòrd-stiùiridh aig An Lòchran.

Here’s your chance to meet some of those on An Lòchran’s board of directors.


JAMIE MAC An T-SAOR

Jamie MacIntyre

Cunntasair (Accounting)

ÙISDEAN ROS

Hugh Ross

Rugadh Ùisdean ann an Dùn Èideann agus cheumnaich e bho Oilthigh Sruighlea le ceum ann an Eaconomas. An uair sin chuir e seachad mòran bliadhna ann an Obar Dheathain, far an robh e ag obair mar fhear-margaideachd airson gnìomhachasan innleadaireachd agus a' siubhal gu math tric gu dùthchannan cèin. Tha e uabhasach taingeil gu bheil e air a dhreuchd a leigeil dheth a-nis.

Thòisich Ùisdean air Gàidhlig ionnsachadh aig clasaichean-oidhche ann an Obar Dheathain, le cùrsaichean goirid aig Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Obar Dheathain cuideachd. Bha Ùisdean an sàs ann am Fèis Obar Dheathain air a' chomataidh agus mar Chathraiche.

Tha Ùisdean agus a bhean, Jennifer, air a bhith a' fuireach ann am Pàrtaig a-nis o chionn deireadh 2020. Tha dithis chlann aca a rinn Gàidhlig aig sgoil agus aig a bheil deagh Ghàidhlig. A bharrachd air a' Ghàidhlig, is toigh leis a bhith a' siubhal, a' coiseachd, a' snàmh, a' sgìthearachd, a' siubhal air an rothair agus a' draibhigeadh a mhotar-rothair - ach gun a bhith gan dèanamh uile aig an aon àm.

ANDY BECK

Tha Andy na bhall-bùird aig An Lòchran ’s e a’ fuireach ann an Camas Lang. ’S ann à Sasainn a Deas a tha e o thùs, agus cheumnaich e bho Oilthigh Bhristol ann an 2009 le ceum ann an Gearmailtis agus Fraingis. Thòisich e air Gàidhlig ionnsachadh ann an 2020.

Tha ùidh aig Andy ann an cànain, ceòl agus iomadach nì eile. Tha e pòsta ri Ciorstain, Gearmailteach aig a bheil beagan Gàidhlig cuideachd. Is toil leotha coiseachd ann an nàdar, siubhal taobh a-staigh agus taobh a-muigh na h-Alba, ceòl a chluich agus biadh a chòcaireachd a tha fallain.